Tha mi a’ cur air dòigh sgeadal an-diugh, a’ tòiseachadh le na gnìomhan bunaiteach an-luib na pròiseact agus an uairsin na rudan a dh’fheumas a bhith dèante nan cois no fìus ro-làimhe. An uairsin feumar rùrachadh na rudan sonraichte nach gabh an fhàgail às – an ‘dearbh staran’ a bheir seo gu crìoch.
I’m working on a schedule today, beginning with a list of principle actions followed by a highlighting of those subsidiary tasks that need to be completed in tandem, or even beforehand. From there, I need to work out which particular steps are needed create the minimal ‘critical path’ that will bring this to completion.
Mar eiseamplair, chan eil ach sia seachdainean gus am bidh an dràma air an àrd-ùrlar, agus chan eil sinn air cleasaiche a lorg airson an caractar cudromaich, Goramal. ‘S ise a tha a’ mìneachadh fuasgladh airson àm-èiginneach am prìomh-charactair, Scott, agus tha aice ri bhith ann ro-làimh airson clàradh a’ bhidio beag airson toiseach na deilbh cuideachd. Ìoc! A bheil tè sam bi an-seo a lùigeadh cothrom seann-seanmhair Gàidhealach a chluich air an àrd-ùrlar, idir?
For example, we only have six weeks until this drama is on stage, and we still have to cast the key character, Goramal, who serves to bring protagonist Scott to resolution of his conflict. She also has to be there for the pre-recorded opening film sequence. Eek! Anyone out there fancy the chance to play a one hundred year old Gaelic matriarch on stage?
Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air feumalachdan innealan ‘F-Bh’ air-loidhne, leithid Skype, nuair a tha sinn a leughadh tro scrioptaichean an toiseach. Leis mar a tha sinn sgaipte nar bhuidheann, dh’fhaodadh seo a bhith na mheadhan air leth freagarrach airson a bhith a’ gluasad gnothaichean air adhairt eadar na coinneamhan seachdaineach. A thuilleadh air sin, tha mi a’ cluiche pàirt bheag ann an dràma a chur caraid air dòigh airson an t-sreath – rud eile gu tur mach às an àbhaist airson an ùranach-sa – agus tha fios gun dèanadh e feum mhòr dhomh cothroman trèanaidh agus taic fhaighinn ann a bhith a’ cur guth ris a’ charactair seo cho luath sa ghabhas. Chanainn gum biodh Skype cuideachail airson sin cuideachd. Co-dhìu, cuiridh mi air dòigh e, agus leigidh mi fios dhuibh air mar a chaidh dhuinn a thaobh na buannachdan agus na tàmailtean na chois.
Beàrnan limineal air-loidhne airson obair-gnàthachadh ? Cò aig a bha dùil?
There’s an idea that’s been percolating at the back of my mind about using online audio-visual communication tools such as Skype for the early read-throughs of scripts. As a dispersed group with other commitments it could prove the ideal medium for moving things along between weekly meetings. Besides, I have a bit part in a friend’s production for the showcase – another first for this newbie – and I could certainly do with intensive voice coaching in the early stages. I’m pretty sure that Skype could help with that. So, I’ll set it up and then report back on its merits and de-merits as a rehearsal tool.
Liminal on-line rehearsal spaces? who knew?